Beag-fhaclair

Tha prìomh fhacail is abairtean air a bheil iomradh sna stuthan Stiùiridh, air am mìneachadh nas mionaidiche gu h-ìosal. Tha ceanglaichean gu tuilleadh fiosrachaidh air an gabhail a-steach far a bheil sin buntainneach. Ma tha beachdan agaibh air nì sam bith a tha sgrìobhte sa bheag-fhaclair seo, feuch gun cuir sibh post-d gu [email protected].

AECS: Is e Sgeama Gnàth-shìde Àiteachais-Àrainneachd (AECS) an sgeama subsadaidh is tabhartais làithreach a tha buntainneach do chroitearan a bhios ag adhartachadh chleachdaidhean stiùiridh fearainn, a tha a’ dìon agus a’ neartachadh dualchas nàdarra àghmhor na h-Alba, a’ feabhasachadh càileachd uisge, a’ stiùireadh cunnart tuileachaidh agus a’ lasachadh ’s ag atharrachadh a rèir atharrachadh gnàth-shìde. Fhad ’s a tha e fhathast aig ìrean deuchainn, aon uair ’s gum bi POBAS (faic am mìneachadh gu h-ìosal) air a leasachadh, bidh AECS air a shìoladh a-mach beag air bheag gus tionndadh gu POBAS, a tha na sgeama ‘buil-stèidhichte’.  

Airidh/Airidheachd a’ ciallachadh gu bheil pròiseact a’ coinneachadh nan slatan-tomhais airson maoineachadh a bhuileachadh (GNÌOMH Mointich) no clàradh soirbheachail agus creideasachadh (CÒD Mòintich).

Aontaidhean Co-roinn Teachd-a-steach a’ mìneachadh fiosrachadh mionaideach air mar a bhios prothaidean pròiseict san àm ri teachd air an co-roinn/roinneadh/riaraichte am measg an luchd-ùidhe uile, a tha an sàs san iomairt a tha an t-aonta a’ còmhdach.  

Ath-thòiseachadh: Tha ath-thòiseachadh a’ ceadachadh do dh’uachdaran air fearann croite a tha air ath-leigeil no fearann ionaltraidh, tagradh a dhèanamh gu Cùirt an Fhearainn ann an Alba airson cead air pàirt dheth no iomlan a ghluasad bho ghabhaltas fearainn, agus a bhith taobh a-muigh smachd nan Achdan Croitearachd.  

Calpa Nàdarra: an abairt làithreach airson togail air an luach eaconamach a tha gnèitheach do nàdar  (m.e. plannntrais, beathaichean, èadhar, uisge, ùirean), a’ tighinn am follais ann an cruth ghoireasan nàdarra (m.e. fiodh) agus seirbheisean eag-shiostaim (m.e. glacadh càrbon tro cho-thàthadh solais).  Tha Riaghaltas na h-Alba a’ feuchainn ri sùil a chumail air a chalpa nàdarra le bhith a’ cumail cunntas air na tha aige agus mar a thèid a làimhseachadh gu seasmhach. https://nationalperformance.gov.scot/natural-capital

Co-chomhairle: Tha co-chomhairleachadh na ìre riatanach ann an tairgse pròiseict Còd Mòintich mus bi airidheachd ann. Tha an Còd Mòintich ag iarraidh fianais gu bheil obair sgòpaidh air a ghabhail os làimh gus ruigsinneachd a chomharrachadh / a dhìon / a leasachadh gu cothrom air dualchas, a thuilleadh air “conaltradh for-ghnìomhach le pàrtaidhean buntainneach” a thaisbeanadh,”[1] le ùine ga thoirt airson “freagairtean coileanta” agus ais-fhiosrachadh bho na pàrtaidhean sin.

Còd Mòintich: Is e inbhe shaor-thoileach a th’ ann an Còd Mòintich (an Còd) do phròiseactan san RA a tha ag amas air buannachdan ‘calpa nàdarra’ (i.e. bathar is seirbheisean àireamhachail air an solarachadh le eag-shiostaman) de ath-leasachadh mòintich a reic, m.e. sgaoilidhean CO2 seachainte. Tha an Còd a’ toirt cinnt do luchd-ceannach gu bheil na buannachadan calpa nàdarra a tha gan reic, co-cheangailte ri talamh mòintich ath-leasaichte, fìor, àireamhachail, a bharrachd agus maireannach. Is e seo sgeama coltach ri sgeama Còd Càrboin Fearann Coillteach, a tha a’ dearbhadh ìre airson tomhas agus a’ dèanamh cinnteach às na cothroman calpa nàdarra bho fhearann coillteach, a tha air ùr chur. Gu riatanach, tha clàradh agus fìreanachadh air a’ phròiseact ath-leasachaidh talamh mòintich agad fon Chòd, gad chomasachadh air na tha gu h-àbhaisteach aithnichte mar ‘creideasan càrboin’ a reic do neach-ceannach, air iomradh mar ‘treas phàrtaidh’. Faodaidh na treas phàrtaidhean a tha a’ ceannach nan aonadan càrboin sin a bhith a’ rangachadh bho dhaoine fa leth gu companaidhean mòra ioma-nàiseanta a tha a’ coimhead ri an sgaoilidhean a chothromachadh gus gealltanasan ‘uaine’ corporra a choileanadh (gu tric co-cheangailte ri gealltanas air sgaoilidhean càrboin neoini a ruighinn ro cheann-latha sònraichte san àm ri teachd).

Còinneach boglaich, a tha cuideachd air iomradh mar ‘togail-boglaich’, mar an lus as cudromaiche ann an eag-shiostaman talamh mòintich ann an Alba, air sgàth a chomais air fàs ann agus taic a chur ri suidheachaidhean trom-uisgeach. Tha suidheachaidhean trom-uisgeach agus mar sin suidheachaidhean neo-aerobach, a’ slaodachadh lobhadh air stuth fàs-bheartach marbh, a’ leantainn gu e tighinn còmhla ann an cruth mòine. Ann an talamh mòintich ‘faisg air a bhith nàdarra’, tha  Còinneach boglaich agus lusan talamh mòintich eile a’ sùghadh a-steach CO2 bhon àile agus ga thionndadh gu stuth fàs-bheartach, a ghabhas a stòradh an uair sin fon talamh mar mhòine airson mìl-aoisean, mura cuirear dragh air.

Cothromachaidhean (faic Creideasan Càrboin): Tha cothromachadh a’ riochdachadh lùghdachadh no gluasad air CO2 no sgaoilidhean gas taigh-glainne eile (GHG) ann an aon àite gus dèanamh suas airson sgaoilidhean ann an àiteachan eile. Tha aon aonad cothromachaidh càrboin a’ riochdachadh lùghdachadh no gluasad air aon tonna de CO2  no a leithid eile de mhòr-thomad de GHG eile (leis a’ bhuaidh cheudna air blàthachadh na cruinne). Gabhaidh na h-aonadan sin am barantachadh le riaghaltasan agus/no buidhnean barantachaidh neo-eisimeileach agus an reic air margaidean càrboin saor-thoileach no gèillidh.

Creideasan Càrboin (faic cuideachd Creideasan Mòintich, Cothromachaidhean): Tha creideas càrboin a’ riochdachadh imrich maireannach air tonna de CO2e (tCO2e) bhon àile, no seachnadh air aon tonna de CO2e a bhith air a sgaoileadh sa chiad àite.  

Creideasan Mòintich (faic cuideachd Creideasan Càrboin is Cothromachaidhean): Tha creideasan talamh Mòintich mar sheòrsa de ‘sgaoilidhean seachainte,’ air an tomhas ann an tCO2e, no ‘tonnachan de leithid CO2’. Tha na sgaoilidhean GHG a thathar a’ cleachdadh ann an obrachadh a-mach air factaran sgaoilidhean airson creideasan talamh mòintich, a’ gabhail a-steach càrbon dà-ogsaid (CO2), meatàn (CH4), ogsaid mear-shaillte (N2O), càrbon fàs-bheartach leaghte (DOC) agus càrbon fàs-bheartach mion-duslach (POC). Tha sgaoilidhean air an tomhas ann an ‘tonnachan de leithid CO2’ oir is e tomhas meatrach a th’ ann air a chleachdadh gus coimeas a dhèanamh eadar gasaichean taigh-ghlainne, le bhith a’ toirt cunntas às leth an Comasan Blàthachaidh na Cruinne diofraichte (GWP).

Cruinn-eòlas mì-chòmhnard ath-leasachaidh: Tha sinn a’ mìneachadh ‘cruinn-eòlas mì-chòmhnard ath-leasachaidh’ mar chunnart a tha gnèitheach do mhodal ath-leasachaidh a tha cuimsichte air prothaid, stèidhichte air obrachadh a-mach fhactaran sgaoilidh agus èifeachdas cosgais nan diofar dhòighean ath-leasachaidh. Dh’fhaodadh an structar brosnachaidh seo toradh ann am pròiseactan a tha a’ taisbeanadh ath-leasachadh ‘mì-chothromach’ no ‘ròghnachail’, le prìomhachas ga thoirt do raointean a tha a’ bleith gu gnìomhach seach ath-leasachadh air cruthan-tìre mòintich mòr-sgèile. Tha ‘crìonadh prothaid’ an làthair cuideachd air eadar-theachdan ath-leasachaidh air sgàth gu bheil am mòr-thomad de sgaoilidhean seachainte GHG a’ lùghdachadh, mar a tha suidheachadh na mòintich a’ dol am feabhas, i.e. tha an t-atharrachadh ann an sgaoileadh (agus mar sin aonadan càrboin co-cheangailte ri reic) eadar mòinteach a bhith ann an suidheachadh ‘bleith gu gnìomhach’ gu ‘drèanaichte’, mòran nas motha na nuair a leanas ath-leasachadh gu atharrachadh ann an suidheachadh bho ‘atharraichte’ gu ‘faisg air a bhith nàdarra’. Tha dà bhuaidh aig an structar brosnachaidh seo: an toiseach, tha e a’ leantainn gu builean sòisio-eaconamach, oir faodaidh na h-uachdarain sin as motha a rinn milleadh gu h-eachdraidheil air an talamh mòintich aca a bhith a’ sùileachadh na buannachd as àirde bho chlàradh Còd Mòintich, fhad ’s a tha iadsan a stiùir agus a chùm suas am fearann aca ann an suidheachadh cuimseach math, a’ dol gun duais sam bith. San dàrna h-àite, dh’fhaodadh an structar brosnachaidh toradh ann am pròiseactan ath-leasachaidh ‘letheach dèante’; no talamh mòintich nach deach ath-leasachadh gu suidheachaidhean fallain agus faisg air a bhith nàdarra (far a bheil iad a’ tòiseachadh a’ cruinneachadh mòine ùr agus a’ cur carbon air leth), ach air an cumail ann an suidheachadh ‘drèanaichte’ no ‘atharraichte’ fad raon-ama a’ phròiseict, oir tha tillidhean a’ lùghdachadh mar as fhaide a dh’ath-leasaicheas neach talamh mòintich. Tha seo frith-imfhiosach do ath-leasachadh a tha a’ prìomhachadh stòradh càrboin agus slàinte eag-shiostaim.

Cuir a-steach: Is e ‘cuir-a-steach’ nuair a tha an t-uachdaran a’ cleachdadh chreideasan càrboin air an ginteadh bho am pròiseactan clàraichte fhèin gus aithris air an sgaoilidhean càrboin fhèin, san fharsaingeachd a dh’ionnsaigh cinn-uidhe ‘neoini’ no gus uallach is seasmhachd sòisealta corporra a thaisbeanadh do an luchd-cleachdaidh/luchd-càitheimh.   

Cunntadh dùbailte a’ toirt ainm do mhearachd chumanta ann an cunntasachd far a bheil aon luach air a chunntadh barrachd na aon uair. Ann an cùis cothromachaidh càrboin, tha cunntadh dùbailte a’ bualadh air an t-suidheachadh sa bheil diofar phàrtaidhean a’ dleasadh chreideasan càrboin bhon aon phròiseact imrich/seachnadh càrboin.

Eadar-ghluasad cothromach: An teirm a chleachdar airson an fheum aig ar comainn shòisealta/eaconamaidhean air eadar-ghluasad air falbh bho eisimeileachd air connadh fosail a dh’ionnsaigh ginteadh cumhachd ath-nuadhachail ann an dòigh chothromach, ag adhartachadh co-ionannachd an àite tuilleadh iomallachaidh.

Factaran sgaoilidh: is iad sin luachana tha ag amas air mòr-thomad de sgaoilidhean (m.e. air an tomhas ann an tonnachan) a shònrachadh do ghnìomhachd àraid, a’ leantainn air dàimh àbhaisteach. Mar eisimpleir, ma tha X heactairean de mhòintich ann an Leòdhas air an drèanadh, sgaoilidh iad XX tonna [am feart a tha a’ dearbhadh na dàimh eadar gnìomhachd dhaonna agus na sgaoilidhean/truaillidhean a thig às] de [sgaoilidhean] CO2  Tha factaran sgaoilidh a’ fàs nas mionaidiche (ann an riochdachadh mòr-thomadan fìor de sgaoilidhean) thar ùine fhad ’s a tha barrachd fiosrachaidh a’ tighinn am bàrr tro rannsachadh. Tha iad diofraichte cuideachd a rèir an t-seòrsa de eag-shiostam agus gnìomhachd. Tha cuid de fhactaran sgaoilidh àbhaisteach a thaobh talamh mòintich rin lorg an seo. Nam bu mhath leat tuilleadh ionnsachadh mu fhactaran sgaoilidh, seo artaigil feumail.

Gealltanas coitcheann ga dhèanamh nuair a tha cùmhnantan a’ mairsinn nas fhaide na an ginealaich a shoidhnig an aonta chùmhnantail agus a’ leantainn cunntachail fad ghinealaichean ri teachd, suidheachadh a tha coltach ri pròiseactan ath-leasachaidh a tha clàraichte leis a’ Chòd Mòintich.  

Gnìomhachdan ath-leasachaidh: tha diofar mhodhan is phròiseasan cudromach gan cleachdadh gus talamh mòintich millte no drèanaichte ath-leasachadh. Seo cuid de bhidiothan air an toirt gu buil le GNIOMH Mòintich, le tuairisgeulan goirid a tha a’ mìneachadh gach aon de na pròiseasan a leanas:   

  • Casgadh dhìgean – casgadh shianalan drèanaidh gus bacadh a chur air uisge a’ sruthadh dheth talamh mòintich.  
  • Ath-phròifileadh atharrachadh cumadh-tìre mòintich gus casg a chur air uisge bho shruthadh dheth no glumagan bleithe a chruthachadh, agus a’ solarachadh àrainneachd nas fhreagarraiche far am faod ath-phlanntasachd a bhith a’ gabhail àite.
  • Glacadairean grùide/bacaidhean bleithe – air an cruthachadh gus sruthadh uisge dheth talamh mòintich a shlaodachadh agus a lùghdachadh, agus cothroman a chruthachadh airson planntrais a bhith a’ stèidheachadh; tha glacadairean/bacaidhean air an cruthachadh a’ cleachdadh geo-aodaichean (aodaichean drùidheach air an cur air uachdar na talmhainn).  
  • Ath-fhliuchadh – gu tric air a choileanadh tro bundadh (cruthachadh bhacaidhean fiosaigeach air sruthadh uisge) gus am bòrd uisge air làrach a thogail.  
  • Ath-phlanntraiseadh – a’ cur taic ri ath-stèidheachadh agus fàs air planntrais air talamh mòintich a tha air a fhreagarrachadh do shuidheachaidhean trom-uisgeach m.e.  Còinneach boglaich; a rèir suidheachadh na mòintich ron an ath-leasachadh, dh’fhaodadh planntrais nach eil freagarraichte do shuidheachaidhean trom-uisgeach, m.e. doireachan sònraichte, agus a’ tiormachadh talamh mòintich nas motha, a bhith imrichte.
GNÌOMH Mòintich: Is e GNÌOMH Mòintich “prògram nàiseanta a’ tabhann maoineachadh gus suidheachadh talamh mòintich ìslichte a leasachadh air feadh Alba” a chaidh fhoillseachadh ann an 2012.[2] Ann an 2020, thugadh £250m do GNÌOMH Mòintich le Riaghaltas na h-Alba leis an amas air 250,000 heactar ath-leasachadh air feadh Alba ro 2030.[3] Tha am prògram ga lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le NàdarAlba, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Liath, Ùghdarras Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn is nan Trosaichean, Uisge Alba agus Coilltearachd is Fearann Alba. Gheibhear mòran a bharrachd fiosrachaidh mu GNÌOMH Mòintich an seo, a’ gabhail a-steach bhidio tòiseachaidh agus bhidiothan eile a’ taisbeanadh taobhan de dh’obair co-obrachail GNÌOMH Mòintich.

Ionmhas càrboin/Teachd-a-steach càrboin: Tha seo a’ toirt iomradh air teachd-a-steach air a ghinteadh tro reic air creideasan càrboin. Airson airidheachd, tha pròiseactan Còd Mòintich ag iarraidh gum feum 15% aig a’ char as lugha de mhaoineachadh pròiseict iomlan a thighinn tro reic air creideasan càrboin, a’ taisbeanadh ‘tuilleadas’ ionmhasail. Tha seo a’ ciallachadh nach biodh am pròiseact air a dhol air adhart ann an suidheachadh ‘air ais chun na h-àbhaist’; gun robh teachd-a-steach càrboin riatanach airson a’ phròiseict ath-leasachaidh a bhith obrachail gu h-ionmhasail.

Ionmhas Co-mheasgte a’ toirt iomradh air cleachdadh ro-innleachdail air maoinean poblach gus inbheisteadh prìobhaideach a tharraing, far a bheil “co-mheasgachadh” ga dhèanamh air airgead poblach le airgead air fhaotainn bho ghnothachasan agus bancaichean ann an cruth sheilbheachdan, iasadan, no riadhan.  Le cùis ath-leasachaidh mòintich, tha airgead poblach (tro GNÌOMH Mòintich) a’ còmhdach nan ciad chosgaisean àrda a thaobh ath-leasachaidh, ‘di-chunnartachadh’ a’ phròiseict bho shealladh neach-tasgaidh, oir tha iad a’ seachnadh nan ciad chosgaisean sin.

Ìslichte: Tha mòinteach ìslichte a’ toirt diofar ìomhaighean do dhiofar dhaoine. Anns na sgrìobhainnean stiùiridh, tha an abairt ‘ìslichte’ ga chleachdadh ann an iomradh air eag-shiostaman mòintich a tha millte gu h-eag-eòlasach agus gu h-uisge-eòlasach. Chan eil na h-eag-shiostaman sin fallain a-nis, sa mhòr-chuid air sgàth cothlamadh de na gnìomhachdan a leanas: (i) tha sianalan drèanaidh air an cladhach annta gus an t-uachdar a thiormachadh agus taic a chur ri fàs air bàrr a bha nas freagarraiche do dh’ionaltradh bheathaichean no mar phàirt den chleachdadh air buain mhònach; (ii) ma tha iad air an ionaltradh le dùmhlachd ro mhòr de bheathaichean chun na h-ìre nach eil comas aig a’ bhàrr air fàs aig an astar a dh’fheumadh airson còmhdach planntrais a chumail suas; (iii) tha iad air a dhol tro mheasgachadh de na gnìomhachdan gu h-àrd, a’ leantainn gu crìonadh air na fillidhean uachdair. Tha mòinteach ìslichte a’ sgaoileadh càrbon dà-ogsaid mar thoradh air lobhadh air a’ mhòine a bhith am follais.

Lasachadh cunnairt: sùim airgid a tha furasta a ruighinn / a chleachdadh (air iomradh gu tric mar ‘airgead sruthach’) nach eil air a thasgadh ach air a shàbhaladh gus call gun dùil air pròiseact a chòmhdach. 

Luchd-gnothaich càrboin:  Tha neach-gnothaich (bròcair) gu h-àbhaisteach mar eadar-mheadhanair eadar an ‘neach-ceannach’ agus an ‘neach-reic’.  Faodaidh bròcairean càrboin creideasan càrboin a cheannach bho Oifis-clàraidh Càrbon Fearainn na RA agus às dèidh sin an reic gu corporaidean agus buidhnean.  Chan eil iad dad diofraichte bho luchd-ceannach is luchd-reic càrboin, ach ma bhios an t-uachdaran airson faighinn a-mach cò ris a tha iad a’ reic agus na gnìomhan a tha iad a’ cleachdadh leis na creideasan airson aithris nan aghaidh, an uair sin bu chòir dhaibh an reic dìreach seach tro bhròcair.

Maoin thrèigte: Na maoinean (m.e. fearann) nach eil comasach air an tilleadh eaconamach tùsail/comasach a chosnadh on a tha iad air di-luachadh, droch làimhseachadh no iompachadh gu buailteachdan, fhulang.

Maireannachd: Tha an Còd Mòintich a’ solarachadh àireamh de chinnteachdan do luchd-ceannach càrboin gu bheil na buannachdan gnàth-shìde a tha gan reic, fìor, àireamhachail, a bharrachd, agus   maireannach.  Tha ‘Maireannachd’ an seo a’ toirt iomradh air barantas a’ Chòd Mòintich gum fuirich creideasan càrboin a cheannaicheas luchd-ceannach, èifeachdach agus dligheach ‘gu maireannach’,  a tha a’ ciallachadh gu h-èifeachdach thar raon-ama iomlan a’ phròiseict. (Thoir aire nach urrainn maireannachd a’ ghluasaid a bhith barantaichte no sgrùdaichte ann an da-rìribh agus buailteach do bhuadhan atharrachaidh àrainneachdail, eadar gur ann bho ghnìomhachd daonna no nàdarra).

Margaid càrboin (faic Margaid Càrboin Saor-thoileach agus Margaid Gèillidh): Tha a’ mhargaid càrboin air a sgaradh ann an dà mhargaid fa leth: a’ mhargaid càrboin ‘saor-thoileach’ agus a’ mhargaid càrboin ‘gèillidh’.  Tha na gnìomhaichean a leanas gu h-àbhaisteach an lùib na margaid càrboin: uachdaran (neach-reic), neach-ceannach, luchd-gnothaich (a bhios a’ ceannach ’s a’ reic aonadan càrboin agus as urrainn gnìomhadh mar eadar-mheadhanairean eadar uachdarain agus corporaidean), luchd-tasgaidh (solaraichean ionmhais phrìobhaidich, a dh’fhaodadh smachd a shireadh air còraichean cuid de na creideasan càrboin no iad uile), Còd Mòintich (creideasachadh agus barantas), Oifis-clàraidh Càrbon Fearainn na RA, agus an dearbhaiche / fìreanaiche a tha a’ dèanamh cinnteach a bheil ath-leasachadh air a bhith soirbheachail. 

Margaid gèillidh: Is e margaid a tha seo air a“cruthachadh tro dhleastanasan laghail no òrdachaidhean air bithean gus an sgaoilidhean a chòmhdach le maoinean càrboin, leithid cothromachaidhean no ceadachaidhean.”[4] Faodaidh creideasan choilltean an ceannach air margaidean gèillidh (leithid Sgeama Malairt Sgaoilidhean na RA) ach tha creideasan mòintich san RA air an cuibhreachadh gu làithreach gu margaidean saor-thoileach stèidhichte san RA.

Margaidean càrboin saor-thoileach: “iomradh air dìoladh saor-thoileach no cothromachadh air a ghabhail os làimh le bithean corporra, an roinn shòisealta, no daoine fa leth a’ coimhead ri an lorg càrboin a dhìoladh, às aonais òrdugh laghail sam bith.”[5]

Mòine: seòrsa ùire a tha saidhbhir ann an stuth fàs-bheartach, air a chruthachadh ann an làraichean far a bheil lobhadh bitheagach air planntrais marbh air a shlaodachadh no do-dhèante, mar thoradh air suidheachaidhean làn uisge agus neo-aerobach (tha feum aig fàs-bheartan a tha a’ lobhadh air ogsaidean airson a bhith coileanta). 

Oifis-clàraidh Càrbon Fearainn na RA: Clàradh oifigeil air pròiseactan Còd Mòintich, an inbhe barantachaidh/fìreanachaidh, aonadan barantaichte/fìreanaichte sam bith agus seilbheadair gach aonaid. Lorgar slighe chun na h-Oifis-clàraidh an seo.

PCUan (Aonadan Càrboin Mòintich): Tha aon PCU co-ionann ri aon tonna de cho-leithid sgaoilidhean  CO2 seachainte (tCO2e) a’ toradh bhon ath-leasachadh air àrainneachdan talamh mòintich. Ann am blocaichean de chòig gu deich bliadhna, tha fìreanaiche neo-eisimeileach a’ tadhal air an talamh mòintich ath-leasaichte gus an àireamh de PIUan ainmeachadh a tha air cruth-atharrachadh gu PCUan.

PIUan (Aonadan Riarachaidh Feitheamh): An ‘gealltanas lìbhrigidh’ air PCU aig ìre dhearbhte san àm ri teachd. Thèid na PIUan uile a bhuileachadh aig an toiseach air uachdaran an dèidh pròiseact a chlàradh (às aonais beag-chuid de 15% air a chur mu seach an aghaidh cunnart), a tha a’ riochdachadh tuairmse de na sgaoilidhean seachainte iomlan ann an tonnachan co-leithid CO2, (tCO2e) a’ toradh bho ath-leasachadh. Is e creideas càrboin malairteach a th’ ann am PIU a ghabhas a reic air margaidean càrboin. Tha luach nas ìsle aige na PCU oir is e aonad ‘gealltanais’ a th’ ann agus mar sin na chunnart nas àirde do luchd-ceannach.  

Plana Atharrachaidh Gnàth-shìde: “Tha Plana Atharrachaidh Gnàth-shìde 2018-2032 na h-Alba a’ mìneachadh slighe Riaghaltas na h-Alba gu ar targaidean ùra àrd-amasail a tha air an stèidheachadh leis an Achd Atharrachaidh Gnàth-shìde 2019.  Is e prìomh sgrìobhainn ro-innleachdail a th’ ann mu ar ath-shlànachadh uaine bho COVID-19.” (Riaghaltas na h-Alba, 2020)

Plana Sgrùdaidh: is e sgrìobhainn a tha seo a tha a’ mìneachadh an t-seòrsa agus tìmeachadh air tional dàta, a thèid a choileanadh gus atharrachadh ann an suidheachadh mòintich a sgrùdadh thar ùine fhad ’s a tha gnìomhachdan ath-leasachaidh gan cur an gnìomh. Ma tha ur pròiseact ath-leasachaidh mòintich clàraichte leis a’ Chòd Mòintich, tha riatanasan sgrùdaidh sònraichte a dhìth mar a tha mìnichte air duilleag 10-11 den aithisg Tionndadh 2.0 den Chòd Mòintich.

Plana Stiùiridh: is e sgrìobhainn a tha seo air a leasachadh le manaidsearan fearainn, a tha a’ toirt iomradh air na ceumannan a ghabhar gus talamh mòintich ath-leasachadh, còmhla ri fiosrachadh cuideachail a bharrachd. Ma tha sibh a’ leasachadh plana stiùiridh do phròiseact a tha clàraichte leis a’ Chòd Mòintich, tha fiosrachadh sònraichte a dh’fheumar a ghabhail a-steach don sgrìobhainn, m.e. mapa, aithris air cinn-uidhe a’ phròiseict, agus factaran eile a tha air an liosta air duilleag 10 de aithisg Tionndadh 2.0 den Chòd Mòintich.

POBAS: Tha Pìleatadh Modh-obrach Stèidhichte air Builean ann an Alba na iomairt air a stiùireadh le  NatureScot a’ deuchainneadh mhodhan-obrach ùra le tuathanachas agus croitearachd, a tha a’ toirt taic do thuathanaich a thaobh buadhan dearbhach nas motha a bhith air an àrainneachd – “gus builean àrainneachdail a lìbhrigeadh”– tro an cleachdaidhean tuathanachais. Faodaidh sibh tuilleadh a leughadh mun sgeama an seo. Tha diofar sgeamaichean pìleit air feadh Alba, a’ gabhail a-steach aon ann am Barabhas Leòdhais air fearann ionaltraidh Àrnoil. Cuidichidh builean nam pìleatan sin le sgeamaichean àiteachais-àrainneachd a chumadh don àm ri teachd ann an Alba, a tha coltach an cur an gnìomh bho 2024.

Prothaid air Inbheisteadh (ROI) a’ tomhas gnìomhadh phròiseactan gus èifeachdas no prothaideachd inbheistidh a luachadh. Tha “ROI a’ feuchainn ri tomhas dìreach a dhèanamh air an t-sùim de phrothaid air inbheisteadh sònraichte, a rèir cosgais an inbheistidh.” (Investopedia)

Riaghladh ionmhasail air a dhèanamh suas à ro-innleachdan airson co-òrdanachadh, faotainn, stiùireadh, sgrùdadh, agus smachd air maoinean ionmhasail tro bheatha a’ phròiseict.  Tha feum air riaghladh math ionmhasail gus comas obrachaidh ionmhasail a bharantachadh còmhla ri prothaideachd fad-amail de phròiseact. Tha riaghladh ionmhasail air creideasan càrboin mòintich a’ ciallachadh, mar eisimpleir, a bhith a’ còmhdach chosgaisean is chunnartan an lùib obair ath-leasachaidh is cumail suas thar na h-ùine chùmhnantail de suas ri 100 bliadhna, agus a’ dèanamh sgrùdadh mionaideach air gluasadan margaideach càrboin gus aonadan creideis càrboin a reic aig na h-ìrean as prothaidiche.  

Ro-innleachdan Neoini mar shlighean air an comharrachadh le riaghaltasan agus buidhnean gus sgaoilidhean càrboin neoini nàiseanta a ruighinn uaireigin san àm ri teachd (Alba ro 2045). Chan eil sgaoilidhean neoini gan ruighinn tro sheachnadh sgaoilidhean (m.e. còmhdachadh dhachaighean no cur casg air crìonadh mòintich) a-mhàin, ach cuideachd le bhith a’ glacadh agus a’ cothromachadh sgaoilidhean (m.e. cur chraobhan, ath-bheothachadh chruthan-tìre).

Sgaoilidhean imrichte: Nuair a tha CO2 a tha an làthair air a thoirt bhon àile tro phròiseasan nàdarra (i.e. co-thàthadh solais) no teicneòlasach, faodaidh iomradh a thoirt air an GHG sin mar sgaoilidhean ‘imrichte’. Faodaidh talamh mòintich fallain sgaoilidhean imrichte a ghinteadh tro thaic do fhàs air planntrais, a tha an uair sin ga stòradh anns an àrainneachd trom-uisgeach rè ùine. Tha am pròiseas seo air iomradh cuideachd mar leth-oireas càrboin, a tha na sheirbheis eag-shiostaim chudromaich air a sholarachadh le talamh mòintich ann an cruth ‘faisg air a bhith nàdarra’ no ‘slàn’.

Sgaoilidhean seachainte (faic cuideachd Sgaoilidhean imrichte) air an iomradh anns an sgrìobhainn stiùiridh seo mar chàrbon dà-ogsaid nach eil air a sgaoileadh bho mhòinteach millte mar thoradh air gnìomhachd ath-leasachaidh. Mar eisimpleir, ma tha drèana stopte air an t-slighe gu ath-fhliuchadh air mòinteach, mar phàirt de phrògram ath-leasachaidh, cha lobh an riasg agus mar sin cha tèid càrbon a sgaoileadh.  Às aonais ghnìomhachdan ath-leasachaidh a bhith air an cur an gnìomh, bhiodh a’ mhòinteach sin air cumail a’ dol a’ sgaoileadh càrbon dà-ogsaid. Mar sin, tha ath-leasachadh air leantainn gu seachnadh air comas sgaoilidhean a bhiodh ann fo shuidheachadh ‘air ais chun na h-àbhaist’. Anns an Aithris Sgaoilidhean oifigeil le gnothachasan, tha sgaoilidhean seachainte air an iomradh mar sgaoilidhean ‘Sgòp 4’, mar a tha air an taisbeanadh leis an fhigear taobh a-staigh am bloga seo (a tha a’ deasbad air na diofar ‘sgòpan’ de sgaoilidhean air an tomhas agus air an aithris le gnothachasan, a tha a’ cumail ri Pròtacal Gas Taigh-glainne Inbhe Chorporra). Is iad sin sgaoilidhean a tha neach-caitheimh a’ seachnadh a thoirt gu buil tro bhith a’ cleachdadh bathar/seirbheis sònraichte bho chompanaidh a tha air seòrsa eile càrbon ìosal/neoini a leasachadh.

Suidheachaidhean Seòrsachaidh, a’ gabhail a-steach ‘faisg air nàdarra’, ‘atharraichte’, ‘drèanaichte’ agus ‘bleith gu gnìomhach’: thoiribh sùil air an FAQ seo airson tuilleadh fiosrachaidh.  

Sùmaidhean: Tomhas air an àireamh de bheathaichean a ghabhas am biadhadh air meud àraid de thalamh feurach. A thaobh fearann ionaltraidh coitcheann, faodaidh am meud sùmaidh aig buill a bhith co-cheangailte ris an uimhir de ‘tasgadh’ a tha aca san fhearann, agus mar sin an uimhir de dhìoladh air a bheil iad airidh ma thachras leasachadh no ath-thòiseachadh, a’ toirt air falbh am fearann ionaltraidh/feurach.

Toraidhean càrboin: Tha seo a’ toirt iomradh air an dòigh a tha creideasan càrboin air am ‘margaideachd’ gus prìs nas àirde a tharraing. Dh’fhaodadh gum bi luchd-ceannach agus luchd-tasgaidh deònach prìsean nas àirde a phàigheadh airson phròiseactan as urrainn nuadhachas a thaisbeanadh, no buannachdan ‘a bharrachd’ taobh ri taobh le ath-leasachadh, leithid buannachd coimhearsnachd, com-pàirt ionadail, leasachaidhean a thaobh bith-iomadachd, is eile.

Tuilleadas: Tha seo a’ toirt iomradh air dà ‘deuchainn’ air am feum pròiseact faighinn troimhe airson airidheachd air Còd Mòintich.  Tha na sgrùdaidhean ‘tuilleadas’ sin nan àite gus dèanamh cinnteach nach deigheadh pròiseact air adhart ann an suidheachadh ‘air ais chun na h-àbhaist’, mar sin a’ taisbeanadh gu bheil ionmhas càrboin na bhrosnachadh no na eadar-theachd riatanach airson ath-leasachadh a bhith a’ gabhail àite. Airson tuilleadh mìneachaidh, faic an leabhran.


[1] IUCN, Còd Mòintich v2.0, 2023.

[2] “GNÌOMH Mòintich – Na tha sinn a’ dèanamh | NàdarAlba.” 2023. https://www.nature.scot/climate-change/nature-based-solutions/peatland-action-project/peatland-action-what-we-do.

[3] “Maoineachadh do Ath-leasachadh air Mòinteach Ìceanach na h-Alba,” Riaghaltas na h-Alba. http://www.gov.scot/news/funding-to-restore-scotlands-iconic-peatlands/.

[4] Sgrùdadh Sgòpaidh Ionmhas Càrbon Mòintich, Natural England, 2022. Ri fhaotainn aig: https://publications.naturalengland.org.uk/publication/5101422143340544

[5] Group, World Bank. 2016. “Creideasan Càrboin is Tuilleadas: An t-Àm a dh’fhalbh, An t-Àm làithreach agus an t-Àm ri teachd,” https://doi.org/10.1596/K8835.